This session will be delivered through the medium of Scottish Gaelic / Bidh an t-seisean seo air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig.
A’ Dìon ar n-Àrainneachd agus Dualchas tro Ghàidhlig: Sreath de Bhùthan-obrach aig An Lòchran
Thig còmhla rinn airson sreath shònraichte de bhùthan-obrach eadar-ghnìomhach mar phàirt den sgeama Ar Dualchas, Ar n-Àm ri Teachd. Bidh sinn a’ rannsachadh nan ceanglaichean eadar gnàth-shìde, cultar agus coimhearsnachd. Ge bith a bheil ùidh agad san àrainneachd, ann an dualchas na Gàidhlig no ma tha thu dìreach airson ionnsachadh is ceangal a dhèanamh ri daoine eile, tha fàilte bhlàth romhad sna seiseanan seo airson beachdachadh, còmhradh agus gnìomh.
Bidh gach bùth-obrach a’ ruith bho 7f gu 9f, bidh tì, cofaidh agus briosgaidean ann agus bidh sibh feumach air peann no peansail, fòn-laimhe agus aodach ceart oir 's dòcha gun tèid sinn a-muigh. Tha pàirceadh saor an-asgaidh ann às dèidh sia san fheasgar.
Diardaoin 21 Lùnastal – Gnàth-shìde agus Dualchas
Ro-ràdh soilleir is tarraingeach do atharrachadh na gnàth-shìde agus a' bhuaidh a th' aige air dualchas, air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig. Nì sinn sgrùdadh air na tha a’ tachairt don phlanaid againn, carson a tha e cudromach, agus mar as urrainn dhuinn freagairt, le fòcas air ceartas gnàth-shìde agus gnìomh coimhearsnachd.
Diardaoin 28 Lùnastal – Sgudal
Faigh a-mach mu thuras sgudail bho riochdachadh gu cur às, agus ionnsaich mar as urrainn dhuinn lùghdachadh, ath-chleachdadh agus ath-chuairteachadh nas fheàrr. Bidh beachdachadh phractaigeach ann airson dèiligeadh ri sgudal agus brosnachadh chleachdaidhean seasmhach nar beatha làitheil.
Diardaoin 4 Sultain – Nàdar is Bith-iomadachd
Rannsaichidh sinn iomadh seòrsa beatha agus carson a tha i cudromach. Nì sinn beachdachadh air na bagairtean a tha mu choinneamh nàdair, agus mar as urrainn dhuinn bith-iomadachd a dhìon agus ath-nuadhachadh tro ghnìomhan a bheir oirnn ceangal a dhèanamh ris an àrainneachd nàdarra.
Diardaoin 11 Sultain – Ainmean-àite Gàidhlig
Faigh a-mach na sgeulachdan air cùl ainmean-àite Gàidhlig agus na tha iad ag innse dhuinn mu ar cruth-tìre, ar n-eachdraidh agus ar dearbh-aithne. Cruthaichidh com-pàirtichean na mapaichean aca fhèin le ainmean-àite Gàidhlig, a’ comharrachadh cànan, cruthachalachd agus dualchas co-roinnte.
Bidh fàilte bhlàth romhaibh uile. Ma tha ceist sam bith agaibh, no ma tha feumalachdan a bharrachd agaibh, nach cuir sibh fios gu Jonathan Angell aig jonathan.angell@keepscotlandbeautiful.org
-
Tha am pròiseact seo air a mhaoineachadh le Taic bho Mhaoin Dualchais a’ Chrannchuir Nàiseanta agus Àrainneachd Eachdraidheil Alba.
Bidh an dàta agad air a làimhseachadh a rèir Achd Dìon Dàta. Faic an Sanas Prìobhaideachd againn aig: www.keepscotlandbeautiful.org/privacy