Co-chruinneachadh Gàidhlig Earra-Ghàidheal - Argyll Gaelic Gathering 2022
Date and time
Location
Online event
Dè ur beachd mu dheidhinn dualchainnt Ghàidhlig Earra-Ghàidheal? What are your thoughts about Argyll Gaelic dialect?
About this event
Beurla gu h-ìosal / English below
Tha an Co-chruinneachadh a’ toirt cothrom do bhuidhnean, buidhnean coimhearsnachd agus daoine fa leth a thighinn còmhla le buidhnean nàiseanta gus beachdan a cho-roinn air dòighean as urrainn dhuinn obrachadh còmhla gus a’ Ghàidhlig a leasachadh air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid. An turas seo, bidh sinn a’ cuimseachadh air Gàidhlig Earra-Ghàidheal, na tha sin a’ ciallachadh dhuibh, cho cudromach ’s a tha i agus mar a bu mhath leinn a’ Ghàidhlig fhaicinn a’ leasachadh ’s a’ soirbheachadh.
Bidh an tachartas dà-chànanach, le roghainn air èisteachd ri eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.
Bidh Iain MacIlleMhìcheil mar aoigh a’ toirt thugaibh tachartasan an latha air Zoom. Gheibh sibh cothroman gu leòr air falbh bhon sgrion tron latha air fad.
Dreach clàr-gnothaich
09:15 Seòmar Zoom a’ fosgladh
09:30 Fàilte - Ceannard Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid Robin Currie
09:45 Prìomh òraid - Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean Shirley-Anne Somerville BPA
10:00 Ais-fhiosrachadh mu Ghnìomhan Co-chruinneachaidh roimhe
10:15 Bidh Alasdair MacIlleBhàin, Cathie NicIain, Àdhamh Ó Broin agus Sìne NicEalair ag innse agus a’ deasbad air na tha Gàidhlig Earra-Ghàidheal a’ ciallachadh dhaibhsan, agus mar a tha iad ga cleachdadh nan obair agus gu làitheil.
11:00 Eadar-ùine
11:10 Ceistean don phannal
11:30 Deasbadan air leth agus fiosrachadh air ais
12:30 Lòn
13:15 Mar a tha Àinmean Àite na h-Alba, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, MG ALBA agus Leasachadh Sgilean Alba a’ cur taic ri Gàidhlig Earra-Ghàidheal no Gàidhlig air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Bidh cothrom agaibh bruidhinn ri càch ann an seòmraichean air leth mu na gnìomhan bu chòir a choileanadh agus mar as urrainn dhuinne mar bhuidheann an cur an cèill.
15:00 Eadar-ùine
15:10 Ais-fhiosrachadh bhon t-seòmar air leth agus deasbad sa phrìomh sheòmar
16:05 Geàrr-iomradh air an latha - Iain MacIlleMhìcheil
16:20 Buidheachas - Àrd-oifigear Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid Pippa Milne
19:00 Cèilidh Earra-Ghàidheal
Bidh an tachartas seo air a chlàradh. Mura h-eil sibh airson com-pàirteachadh sa chlàradh, cuiribh dheth an camara agus am maidhc agaibh agus cuiribh às an t-ainm agaibh. Bidh seo sa mhòrchuid mar thasglann agus dh’fhaodadh gun cleachd sinn às-earrannan bhon luchd-labhairt. Cha bhi na deasbadan sna seòmraichean eile air an clàradh.
GDPR
Le bhith a’ clàradh, tha sibh ag aontachadh gun glèidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid am fiosrachadh agaibh a thaobh Co-chruinneachadh Gàidhlig Earra-Ghàidheal 2022. Bidh seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh frithealaidh ro agus às dèidh an tachartais agus co-roinn air fiosrachadh mu Cho-chruinneachaidhean Gàidhlig Earra-Ghàidheal san àm ri teachd. Faodaidh sibh am poileasaidh iomlan againn fhaicinn an seo.
Tha seo a’ gabhail a-steach fiosrachadh mu cho fada ’s a chumar dàta, far a bheil e ga stòradh agus cuideachd an dòigh air cead a tharraing às.
About this Event
The Gathering provides an opportunity for organisations, community groups and individuals to come together with national organisations to share ideas on how we can work together to develop Gaelic across Argyll and Bute. This time our focus will be on Argyll Gaelic, what it means to you, is it important and how we would all like to see it developing.
The event will be bi-lingual with the option to listen to an English simultaneous translation.
It will be hosted by John Carmichael and be brought to you via the Zoom platform. You’ll have plenty of screen breaks through the day.
Draft agenda
09:15 Zoom room opens
09:30 Welcome and Housekeeping - Leader Argyll and Bute Council Robin Currie
09:45 Key notes - Cabinet Secretary for Education and Skills Shirley-Anne Somerville MSP
10:00 Feedback on previous Gathering Action points
10:15 Alasdair Whyte, Cathie Johnston, Àdhamh Ó Broin and Sìne NicEalair will be sharing and discussing what Argyll Gaelic means to them and how they use it in their work and day to day.
11:00 Break
11:10 Questions to the panel
11:30 Break out room discussion and then feedback to the main room
12:30 Lunch
13:15 See how Àinmean Àite na h-Alba, Argyll and Bute Council, Bòrd na Gàidhlig, Comunn na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal, Highlands and Islands Enterprise, MG ALBA and Skills Development Scotland are supporting Argyll Gaelic or Gaelic across Argyll and Bute.
You’ll be able to speak with others in break out rooms about actions you’d like to take and how we as a group can make them happen.
15:00 Break
15:10 Feedback from break out room and discussion in the main room
16:05 Summary of the day - John Carmichael
16:20 Vote of thanks - Chief Executive Argyll and Bute Council Pippa Milne
19:00 Argyll Online Cèilidh
This event will be recorded. If you do not wish to take part in the recording please turn off your camera and microphone and please anonymise your participant name. This will be mainly as an archive and we may use some excerpts from the speakers. Discussions from the break out rooms will not be recorded.
GDPR
By completing your registration you are agreeing to Argyll and Bute Council holding and processing your information in relation to the Argyll Gaelic Gathering 2022 event. This will include attendance information before and after the event and the sharing of information on future Argyll Gaelic Gatherings. You can view our entire privacy policy here.
This includes information on how long data is held, where it is stored and also how to withdraw consent.