Coinnich ri Luchd-fastaidh (Meet the Employers) Gaelic Session
Event Information
About this Event
Thoiribh an aire, is ann sa Ghàidhlig a thèid an seisean seo a chumail, mar sin bithibh mothachail air sin*
Please note, this session will be taken in the Gaelic Language, so please be aware of this*
Coinnichibh ri Luchd-fastaidh (Meet the Employers) Bùth-obrach Cosnaidh Ghàidhlig.
Gaelic Employment Workshop.
A bheil Gàidhlig agaibh on ghlùin, no eadhon mar neach-ionnsachaidh adhartach agus sibh an dòchas ìrean ùra a ruigsinn sa chànain? Ma tha, is dòcha gu bheil sibh a’ faighneachd dè a dh’fhaodadh seo a bhith a’ dèanamh airson ur CB, agus ciamar a dh’fhaodadh e ur cuideachadh nuair a chuireas sibh a-steach airson obraichean. Tha dreuchdan Gàidhlig ann ri am faotainn, agus cuiridh an seisean seo fàilte air fiosrachadh bhon phrìomh luchd-fhastaidh sa Ghàidhlig, agus bheir e cothrom mìorailteach a bhith a’ bruidhinn ris na fastaichean fhèin, agus ag èisteachd ris na h-eachdraidhean brosnachail a th’ aig daoine eile a thaobh cosnadh!
Are you a native speaker, or even an advanced learner hoping to take the language to new levels? If so, you may be wondering what this could be doing for your CV, and how it might assist you when applying for jobs. Gaelic roles are there for the taking, and this session will welcome introductions from the leading recruiters in Gaelic, and offer a wonderful opportunity to talk to the Employers themselves, and listen to others empowering employment journeys!
Is mòr a’ bhuannachd a th’ ann eòlas a bhith agaibh air a’ Ghàidhlig no a’ chànain ionnsachadh, ach dè tha sin a’ ciallachadh ann an saoghal an fhastaidh is a’ chosnaidh? Bidh a’ bhùth-obrach seo a’ toirt cothrom coinneachadh ri prìomh luchd-fastaidh Gàidhlig agus buidhnean a tha a’ speisealachadh ann a bhith a’ cuideachadh le leasachadh sgilean Gàidhlig. Ionnsaichibh mar as urrainn don chànain agaibh ceum air thoiseach a thoirt dhuibh ann an saoghal ùr a’ chosnaidh, agus cluinnibh ar luchd-labhairt a’ tabhann deagh chomhairle dhuibh air mar as urrainn dhuibh cumail oirbh a bhith àrd-amasach agus air na h-àitichean as fheàrr anns am faigh sibh cuideachadh mar phàirt de na slighean dreuchdail agaibh.
Knowing and learning the Gaelic Language is an incredible asset, but what does that mean in the world of recruitment and employment? This workshop offers the opportunity to meet top Gaelic recruiters and organisations that specialise in assisting with Gaelic skills development. Learn how your language can give you that extra step up in the new world of employment, and hear our speakers offer you great advice on how to remain ambitious and where best to find assistance as part of your career paths.
Dè a tha romhaibh: Eòlas tòiseachail on luchd-labhairt is na buidhnean, air a leantainn le seisean faighneachd is freagairt bho Oileanaich.
Tha sibh glè dhi-beathte ur n-ainm a chur sìos airson an tachartais HISA Con - le luchd-labhairt agus bùthan-obrach iongantach ri am faighinn do dh’oileanaich UHI air fad!
What to expect: Speaker and organisation introductions, followed by a Q&A from Students.
Please feel free to sign up to the HISA Con event- with amazing speakers and workshops available to all UHI students!