Làithean Trèanaidh do Dh'Oidean | Tutor Training Days
Location
Online event
Trèanaidh do Dh' Oidean | Tutors Training Sessions
About this event
Trèanadh an-asgaidh airson luchd-teagaisg a tha an sàs ann an obair nam Fèisean agus Fèisean nan Gàidheal
Free training to inspire tutors working with Fèisean nan Gàidheal in schools, at Fèisean and in their local communities.
23.03 1700-1830 Geamaichean Gàidhlig le Eilidh Cormack - Gaelic Games
Freagarrach do dh'oidean a tha an sàs le Fèisean no obair Fèisean nan Gàidheal. Gheibhear beachdan air geamaichean le Gàidhlig sa seisean practigeadh seo le Eilidh NicCarmaig, tè a tha air tòrr teagasg a dhèanamh aig Fèisean is ann an sgoiltean. Gheibhear faclan is abairtean Gàidhlig a ghabhas cleachdadh ann an iomadh suidheachadh teagaisg ‘s bidh ùine ann son còmhraidh is ceistean.
Suitable for all tutors, this practical session will give you some ideas for fun games which incorporate and encourage Gaelic learning and usage which can be used in a variety of teaching situations both at Fèisean and formal education settings.
24.03 1600-1730 Pod-craolaidh le Gwen Cuthbertson & Iain MacDiarmid - Podcasting
Thairis air na dà bhliadhna a dh’fhalbh tha sinn uile air dòighean ùra a lorg an obair againn a sgaoileadh, gu h-àraidh air-loidhne. Anns an seisean seo bruidhnidh Gwen is Iain ribh mu a bhith a’ cur pod-craolaidh ri chèile. A' tòiseachadh le mar a dh’fhaodadh pod-craolaidh a bhi freagarrach don obair agad is a' dol tro na ceumanan a dh'fheumas sibh leantainn. Bidh ùine ann son còmhradh is ceistean.
Over the last two years many of us have explored and learned new ways of working and new ways to share our work, especially online. In this session, Gwen and Iain will talk you through the process of recording, editing and producing a podcast and how to make your work relevant to your audience.
26.03 1030-1230 Sgeulachdan mar Sradag le Rachel Kennedy - Stories as inspiration
'Se Bliadhna nan Sgeul a th' ann is tha sinn toilichte fàilte a chur air Raighnead Cheannadach a bhios a' lìbhreagadh seisean mu bhith a’ cleachdadh sgeulachd mar sradag airson beachdan cruthachail a thoirt beò. Bidh ùine ann son còmhraidh is ceistean.
As we celebrate the Scotland’s Stories, join Rachel Kennedy to learn more about using stories as a basis for developing creative arts sessions in both school and Fèis settings. This session will include an opportunity to ask questions as well as hearing about some of the projects Rachel has recently been involved in.
26.03 1300-1500 Ag ionnsachadh a-muigh le Alice Ritch & Ryan Dziadowiec - Outdoor Learning
Gheibhear eòlas air dòighean teagaisg air a’ bhlàr a-muigh san t-seisean seo còmhla ri Alice Ritch is Ryan Dzidowiec. Bruidhnidh an dithis aca air cleachdadh cànan ionadail le eisimplirean cruthachail airson ionndachadh. Bidh ùine ann son còmhraidh is ceistean.
In our final session, we are delighted to welcome Alice Ritch and Ryan Dzidowiec who will share their wide ranging knowledge and experience in engaging people with local language and creativity in the outdoors. This session will include practical examples and an opportunity for questions and discussion.