Pàdraig MacAoidh, Linda NicLeòid is caraidean

Pàdraig MacAoidh, Linda NicLeòid is caraidean

Pàdraig MacAoidh + Linda NicLeòid join Ed Uni Gaelic Writing Group for an end of term celebration of words - sung and spoken. Thigibh ann!

By Màrtainn Mac an t-Saoir, Edinburgh University Gaelic Writer

Date and time

Wednesday, May 22 · 7:15 - 8:45pm GMT+1

Location

The Project Room, 50 George Square, The University of Edinburgh, EH8 9LH

50 George Square Edinburgh EH8 9LH United Kingdom

About this event

  • 1 hour 30 minutes

Nach tig sibh a dh'èisteachd ri bàrd cliùiteach, Pàdraig MacAoidh, is seinneadair barraichte, Linda NicLeòid, is cuid dhen bhuidhinn-sgrìobhaidh aig deireadh teirm an t-samhraidh. Seo an tachartas mu dheireadh aig Màrtainn Mac an t-Saoir na dhreuchd mar sgrìobhaiche Gàidhlig an Oilthigh.

Peter Mackay and and Linda Macleod will join Martin MacIntyre for a convivial end of term summer cuirm of song, poetry and inspiration at Edinburgh University. This will be Martin's last public event as Gaelic Writer in Residence. Members of The Residency Gaelic Writing Group are also invited to read. We hope you can join us!


’S e bàrd, craoladair agus oraidaiche a th’ann am Pàdraig MacAoidh. Tha dà leabhar bàrdachd aige, Gu Leòr (Acair 2015) agus Nàdur De (Acair 2020), agus pamflaid, From Another Island (Clutag, 2010). Bidh e a’ sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla, agus chaidh an obair aige eadar-theangachadh gu Albais, Beurla, Cuimris, Fraingis, Gaeilge, Gearmalitis, Masadonais, Ogsatainis, Seicis agus Slòbhacais. Mar oraidiche tha e ag obair aig Oilthigh Chill Ribhinn, agus tha e air sgrìobhadh This Strange Loneliness: Heaney’s Wordsworth (2021) and Sorley MacLean (2011); tha e cuideachd na New Generation leis an AHRC / BBC Radio 3.


Linda NicLeòid

B’ ann an Uibhist a Tuath a thogadh Linda, ged a tha i air a bhith fuireach ann an Glaschu a cheart cho fada a-nis. B’ e a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan aice agus tro h-òige an Uibhist bha i riamh air a cuairteachadh le òrain, sgeulachdan agus dualchas an eilein. Ann an 2010 cheumnaich i bho Oilthigh Ghlaschu le ceum ann an Gàidhlig, is le MPhil ann an Gàidhlig ann an 2011.

An-diugh tha Linda ag obair pàirt-ùine na preasantair air CBeebies ALBA, is tha an còrr dhen ùine aice air a roinn eadar diofar phròiseactan. Tha Linda air a bhith na Tosgaire Òg airson Leughadh Gàidhlig do Chomhairle nan Leabhraichean bho 2016 agus san Dàmhair 2023 chaidh urram Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna a bhuileachadh orra leis a’ Chomunn Ghàidhealach aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann am Pàislig.


Peter Mackay / Pàdraig MacAoidh is a poet, lecturer and broadcaster. He has two collections of poems, Nàdur De (Some Kind of, 2020) and Gu Leòr (Galore, 2015), published by Acair, and a pamphlet, From Another Island, with Clutag Press (2010). He writes in Gàidhlig and English, and his work has been translated into Czech, French, German, Irish, Occitan, Macedonian, Scots, Slovakian and Welsh. His academic work includes This Strange Loneliness: Heaney’s Wordsworth(2021) and Sorley MacLean (2011); he is a Senior Lecturer in Literature at the University of St Andrews, and has been an AHRC / Radio 3 New Generation Thinker.


Linda Macleod

Linda is from North Uist, although she’s now been living in Glasgow for just as many years. Gaelic was her first language and through her childhood and teenage years in Uist she was always surrounded by the language, the songs, the stories, and the local culture. Linda graduated with a first-class honours degree in Gaelic in 2010 and then with an MPhil in Gaelic in 2011.

Today Linda works part-time as a presenter on CBeebies ALBA and the rest of her freelance work is divided between different projects. Linda has been Comhairle nan Leabhraichean’s Young Gaelic Reading Ambassador since 2016 and in October 2023 she was named An Comann Gàidhealach’s Gaelic Ambassador of the Year at the Royal National Mod in Paisley.

Organized by